Chan eil nì ann an cumantas eadar an clas-obrach agus an clas-fastaidh. Chan urrainn sìth a bhith ann cho fad ’s a tha acras agus dìth rin lorg air na milleanan de luchd-obrach agus ’s ann aig a’ chlas-fhastaidh a tha gach rud math ann am beatha.
Cha bhi ach strì eadar an dà chlas seo gus an eagraich luchd-obrach an t-saoghail ri chèile mar chlas, a’ gabhail thairis air na dòighean-dèanaimh, a’ cur às don t-siostam-thurastail, agus a bhith beò ann an co-chòrdachd leis an Talamh.
Aithnichidh sinn gu bheil stiùireadh nan gnìomhachasan aig àireamh de dhaoine a tha a’ sìor fhàs nas lugha agus nach tèid aig aonaidhean-ciùird air dèiligeadh ri cumhachd a’ chlas-fhastaidh is e a’ sìor fhàs nas motha. Tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cruthachadh suidheachadh far am bi pàirt den luchd-obrach a’ sabaid an aghaidh pàirt eile den luchd-obrach anns an aon ghnìomhachas, a’ dèanamh cinnteach gun caill a dhà dhiubh ann an cogaidhean tuarastail. Gu dearbh, tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cuideachadh a’ chlas-fhastaidh gus an luchd-obrach a mhealladh gu bheil ùidhean aig a’ chlas-obrach ann an cumantas len luchd-fhastaidh.
Chan urrainnear an càradh seo atharrachadh